Tip:
Highlight text to annotate it
X
In Flanders fields the poppies blow Between the crosses, row on row,
That mark our place; and in the sky The larks, still bravely singing, fly Scarce heard amid the guns below.
We are the Dead. Short days ago We lived, felt dawn, saw sunset glow,
Loved and were loved, and now we lie In Flanders fields.
Take up our quarrel with the foe: To you from failing hands we throw The torch; be yours to hold it high.
If ye break faith with us who die We shall not sleep, though poppies grow In Flanders fields.
Air an 11mh dhen t-Samhain a h-uile bliadhna bidh daoine a' cruinneachadh gus cuimhneachadh mu na daoine a thug am beatha gus am biodh an t-sìth agus an t-saorsa a tha againn anns an latha an-diugh ann.
'S e cothrom a tha ann an Latha Crìochnachaidh a' Chogaidh, no Poppy Day mar a chanar ris an latha sin,
gus stad agus beachdachadh air an ìobairt a rinn na Seirbheisich threun agus orrasan a dh'eug no a dh'fhuiling ann an cogadh.
Tha a' chrom-lus na h-ìomhaigh làidir de chuimhneachadh, ag èirigh bho na lusan a dh'fhàs an dèidh a sprùilich aig
Raon Flanders anns a' Bheilg, an t-àite far an robh an sgrios a bu mhotha dhen Chogadh Mhòr.
Bha a' chiad Poppy Day ann an 1921 agus anns an latha an-diugh bidh daoine a' cur chrom-lusan orra mar chuimhneachan, mar urram agus mar thaic.
An dèidh a' Chiad Chogaidh, chuir an t-Iarla Haig, a bha na cheannard air Feachdan Bhreatainn
seachad an còrr dhe bheatha a' coimhead os dèidh feadhainn a bha air a bhith, agus an teaghlaichean, anns na seirbheisean agus a bha air an leòn no a bha ciorramach.
Ann an 1921, thàinig bana-Fhrangach a-nall a Lunnainn le crom-lusan dearga a bha i air a dhèanamh
anns an Fhraing, agus a bha i air a bhith a' reic anns an Fhraing, gus airgead a thogail do Fhrangaich chiorramach a bha air a bhith anns na feachdan.
Anns a' bhad, bha an t-Iarla Haig air a ghlacadh leis an ìomhaigh seo agus chuir e air dòigh gun stèidhicheadh fear de charaidean factaraidh bheag
os cionn bùth, le sianar a bha anns na feachdan agus a bha ciorramach, a' dèanamh nan crom-lusan agus gan reic ris an t-sluagh anns an t-Samhain
gus airgead a thional dha na carthannasan aig na feachdan. Dh'fhàs daoine measail air an seo gu math luath.
Chuir a bhean, A' Bhean-uasal Haig, roimhpe gun robh i a' dol a reic chrom-lusan ann an Alba gus airgead a thogail dha na h-Albannaich a bha anns na seirbheisean.
Agus, stèidhich i an fhactaraidh aice fhèin ann an 1926 aig bonn a' Mhìle Rìoghail agus
ann an dà bhliadhna bha i air còrr air 150 duine fhastadh.
Chaidh i mun cuairt Alba air fad a' sgaoileadh nan crom-lusan seo i fhèin agus a' togail airgead dhan Scottish Poppy Appeal.
Chun an latha an-diugh tha a' chrom-lus againne eadar-dhealaichte bhon tè ann an Sasainn.
'S gnothachas a tha ag amas air taic a thoirt dhan choimhearsnachd ionadail a tha ann an iomairt sòisealta.
Agus tha airgead sam bith a tha na phrothaid air a thoirt air ais dhan choimhearsnachd ionadail, chan ann dìreach do luchd nan earrannan no na daoine leis a bheil an gnothachas.
Ma tha thu ag iarraidh crom-lus a dhèanamh, bidh am bun uaine a' dol an toiseach, cuir am fear dearg air an uairsin, an uairsin am fear dubh. Agus sin agad crom-lus.
Tha an tuarastal fìor mhath. Faodaidh mi mo bhean a thoirt a-mach gach mìos, agus tha sin math.
Tapadh leat airson bruidhinn rium. 'S e nighean bhrèagha tha annad. Dè tha thu ris a-nochd?
Tha 34 neach ag obair anns an fhactaraidh seo. Agus bha iad air fad anns na feachdan aig aon àm.
Bidh sinn a' dèanamh mu chòig millean crom-lus gach bliadhna, uile air an dèanamh le làimh.
Tha sinne dhen bheachd gu bheil e cudromach gu bheil a' chrom-lus air a dèanamh le daoine a tha a' creidsinn gu bheil a' chrom-lus cudromach
agus sin carson nach bi sinn gan dèanamh ann an Sìona no ann an àite sam bith eile.
Tha ùidh mhòr aig na daoine a bhios a' dèanamh nan crom-lusan anns an rud a tha iad a' dèanamh.
Seo sinn anns an fhactaraidh fhèin. Tha Jim a' dèanamh na crom-lus a bhios tu a steigeadh ort. Cò mheud a nì thu ann an latha, Jim?
Mu 2,000. Dhomhsa, tha e a' toirt faochadh dhomh bhon a tha tinneas nan alt orm agus tha e gu math dona,
ach tha seo gam chuideachadh. Nuair a bhios tu a' dol mun cuairt, chì thu gum bi daoine a' dèanamh obraichean a tha a' dol a rèir am feumalachdan.
Dh'fhaodainn bruidhinn ri Jim fada an latha. Uill, tha mi a' reic stuthan an seo!
Tha an ìomhaigh buidhne stèidhte air na faireachdainnean a tha aig daoine mu dhèidhinn stuth no seirbheis sònraichte.
Tha e a' tòiseachadh le dealbh buidhne a dh'aithnicheas daoine anns a' bhad agus bhon t-sanasachd, bho na stuthan gus inbhe na buidhne àrdachadh, agus an dreach a tha uair an stuth,
Ged a b' e rud a bhiodh tlachdmhor dhuinn no ìomhaigh buidhne air a bheil daoine glè mheasail.
Tha a' chrom-lus na deagh ìomhaigh bhon a dh'aithnicheas daoine anns a' bhad i ach tha i a' toirt faireachdainnean làidir nuair a chì iad i.
Ann an 2006 chaidh an ìomhaigh buidhne aig Poppyscotland a chur an sàs airson a' chiad turas. Gu ruige sin b' e Urras Alba an Iarla Haig a bha air.
An toiseach, chùm sinn an t-ainm sin fo sgèith ìomhaigh-buidhne Poppyscotland ach bho chionn ghoirid tha sinn air an ìomhaigh Supporting our Heroes a stèidheachadh,
bhon a tha sinn dhen bheachd gu bheil sin nas freagarraiche ri ìomhaigh adhartach na buidhne, leis gu bheil sinn a' cuimhneachadh ach cuideachd a' togail airgid airson feadhainn a bha anns na feachdan bho chionn ghoirid a chuideachadh cuideachd
Agus thall an siud, tha Peadar, an duine as sine anns an fhactaraidh.
Chan eil mi cinnteach dè an aois a tha Peadar. Mu 83.
seasgad sa seachd. Nam biodh fhios agam cho math 's a bha an obair seo bhithinn air tòiseachadh aig aois 15.
'S ann le bhith a' togail airgid a bhios buidhnean carrthannais a' cuideachadh nan daoine a tha an urra riutha. Do Poppyscotland 's iad sin feadhainn a bha anns na feachdan agus na teaghlaichean acasan.
Chan e airgead a thèid a thional airgead a gheibheadh na carthannasan bhon riaghaltas idir, 's ann bhon phoball agus bho ghnothachasan prìobhaideach a tha e a' tighinn.
Tha am Poppy Appeal fìor chudromach dha Poppyscotland ach tha feum againn air barrachd airgid gus na daoine a bha anns na feachdan agus an teaghlaichean a chuideachadh.
A-nis bidh Poppyscotland a' togail airgid a h-uile latha dhen bhliadhna agus bidh sinn a' cleachdadh iomadach dòigh gus an t-airgead a dh'fheumas sinn a thional.
Mar eisimpleir, bidh sinn a' cur air bhonn buidhnean taic ann an coimhearsnachdan agus bidh iad sin a' cur thachartasan beaga air dòigh dhuinn. Bidh sinn a' cur air chois thachartasan mòra, mar an Hearts & Heroes Challenge anns na Crìochan.
Bidh sinn cuideachd a' toirt cothrom dhan luchd-taic airgead fhàgail againn mar dhìleab
Bidh sinn cuideachd a' toirt cothrom do luchd-taic airgead a thoirt dhuinn bhon chunntas-banca aca a h-uile mìos.
An seo tha roinn nam blàth-fhleasgan againn.
Seo cridhe na factaraidh. Seo Gerry agus 's esan ceannard air obair dèanamh nam blàth-fhleasgan,
's esan am prìomh dhuine. Tha na blàth-fhleasgan air a' bhòrd seo air an dèanamh le làimh bho thoiseach gu deireadh.
Thar na bliadhna bidh sinn a' dèanamh mu 10,000 bhlàth-fhleasg. Bidh sinn ag obair orra fad na bliadhna
bhon a bhios na blàth-fhleasgan a' dol a-mach aig diofar ainmean dhen bhliadhna, chan ann dìreach aig àm Làtha a' Chuimhneachaidh.
Agus a bheil an obair a' còrdadh riut?
Chan eil. Och, tha gu dearbh. (laughs)
'S toigh leam a bhith a' smaoineachadh gu bheil Poppyscotland air a stiùireadh gu math agus gu h-èifeachdach.
agus tha dà earrann obrach ann.
'S e a' chiad dhiubh sin a bhith a' togail airgid, a' toirt air daoine airgead a thoirt dhan charthannas, ged a b' ann tron Poppy Appeal no tro thaic-airgid fad na bliadhna, a' toirt taic aig tachartasan 's a leithid.
Agus 's e an raon eile a bhith a' cleachdadh an airgid gu ciallach agus gu h-èifeachdach.
Tha sinn a' feuchainn air cothromachd fhaighinn eadar a bhith a' tional teachd-a-steach, ga chleachdadh anns an dòigh as fheàrr gu math nan daoine a tha sinn a' cuideachadh.
Tha mi a' smaointinn gur e dealasachd an rud as cudromaiche a bheir cuideigin òg gu buidheann sam bith.
Tha mi a' smaointinn gu bheil daoine òga nas dualtaiche a bhith nas tuigsiche agus nas truasaile le daoine eile,
Tha daoine òga airson an saoghal a chur ceart agus 's e deagh rud a tha sin ann an carthannas sam bith.
Tha mi cuideachd a' smaointinn gum feum sgilean foghlaim a bhith agad a leigeas leat iomadh gnìomh a dhèanamh gu math.
Mar sin, a bhith math le àireamhan, a bhith comasach air an cleachdadh agus tuigse a bhith agad air mar a tha oifis ag obair,
sgilean rianachd bhon as urrainn dhut na sgilean sin a chleachdadh ann an iomadach raon agus suidheachadh
agus gheibh daoine òga an t-eòlas agus na sgilean a tha a dhìth orra gus an cuideachadh gus leudachadh a thoirt air na bhios iad a' dèanamh.
'S e obair a tha ann anns an latha an-diugh a bhith a' tional airgid. Anns na seann làithean bha daoine dhen bheachd
gum biodh tu ag obair gu saor-thoileach nam biodh tu ag obair do charthannas, nach b' urrainn dhut tuarastal fhaighinn
airson na h-obrach a dhèanamh ach 's e obair thlachdmhor a tha ann.
Nuair a dh'fhosglas tu an doras chì thu carson as e seòmar nan crogain a tha againn. Chì thu na tha ann do chrogain.
An dèidh an t-Samhain bidh na crogain fhalamh gan toirt an seo, mu 22,00 dhiubh. Bithear gan glanadh, bidh sreang ùr orra agus bidh ìomhaighean ùra air a chur orra.
Bidh sinn cuideachd a' dèanamh chrom-lusan air a bheil bun fada agus bidh sinn a' dèanamh mu 18,000 dhiubh sin.
Ach 's e a bhith gan sgaoileadh air feadh na dùthcha tè de na dreuchdan as cudromaiche.
Bidh na h-òrdughan a' tighinn bho air feadh Alba agus bidh an triùir fhear seo gan deisealachadh.
Agus seo agaibh John, Chris agus Harry.
Tha John dhen bheachd gur esan as fheàrr ann an seòmar nan crogain, tha Chris gur esan as sine, agus mar bsin gur esan as fheàrr, ach chan eil annamsa ach an duine as òige.
'S e obair saor-thoileach nuair a bhios tu a' toirt seachad d' ùine agus do sgilean as asgaidh do bhuidheann no do charthannas.
Tha na mìltean ag obair gu saor-thoileach le Poppyscotland agus gun na daoine sin cha b' urrainn dhuin cumail a' dol
mar charthannas. Nam biodh sinn a' dol a phàigheadh tuarastal airson a h-uile duine a tha sin
cha bhiodh e comasach dhuinn leantainn oirnn; cha bhiodh airgead gu leòr againn.
Feumaidh maoineachadh tighinn à àiteigin. Tha e an urra ris na saor-thoilich an t-airgead a thional anns na crogain.
Tha mi a' smaointinn gum biodh e cudromach do dhaoine obair gu saor-thoileach do Poppyscotland
leis nach eil iad dìreach a' cuideachadh daoine a tha fo bhuaidh cogaidh
ach tha e cudromach aithne a thoirt dha na tha na daoine sin a' dèanamh dhuinn.
Tha mise dhen bheachd gum feum mi cuideachadh a thoirt dhaibhsan a fhuair às le am beatha ach a chaidh a leòn ann an dòigh sam bith.
Tha mise a' faighinn tlachd agus toileachas leis na rinn na balaich agus na caileagan gus ar dùthaich a dhìon.
'S e an rud as lugha a dh'fhaodas sinn a dhèanamh dhaibh.
Tha e a' coileanadh an dleastanais a tha sinn a' faireachdainn gum bu chòir dhuinn a bhith a' toirt rudeigin air ais.
Tha mise a' faighinn toileachas leis gu bheil fhios agam gu bheil mi a' brosnachadh dhaoine gus airgead a thoirt do Poppyscotland.
Bu chòir dhuinn aithne a thoirt dhaibhsan a chaill am beatha ann an cogaidhean agus tha e ro fhurasta dìochuimhneachadh mun dèidhinn
bhon a tha ùine mhòr bhon a thachair e ach tha e cudromach cuimhneachadh orra agus na rudan matha a rinn iad dhan dùthaich againn
'S e buidheann le ballrachd a tha anns a' bhuidhinn Royal British Legion Scotland agus 's e buidheann carthannais a th' ann
a bhios a' coimhead os dèidh agus a' cuimhneachadh air daoine a bha anns na seirbheisean.
Cho fada 's a bhios daoine ann a bha anns na feachdan agus gu bheil iad feumach air taic, bidh a' bhuidhinn seo ag obair.
Bidh sinn ag obair gu dlùth le Poppyscotland agus am Poppy Appeal,
's e fear dhe na tachartasan as motha a tha againn tron bhliadhna agus tha mu 50,000 ball againn
a' cruinneachadh an treas cuid dhen airgead a thèid thucasan aig a bheil feum air.
'S dòcha gun togadh feadhainn aca 3,000 gach latha, feadhainn eile 1,000. Tha e an urra ri dè cho ciorramach 's a tha iad
agus chan eil cuideam sam bith orra barrachd a dhèanamh. Bidh thu a' dèanamh do dhìcheall anns an fhactaraidh agus sin na dh'iarras sinn.
Seadh, tha e math a bhith ag obair an seo. Tha i blàth anns an fhactaraidh agus tha an tuarastal math.
'S e deagh airgead a tha ann airson seann chrom-lusan. 'S e an 'gas man' a chanas daoine riumsa.
Seo fear a rinn mi na bu tràithe. (background laughs)
Dìreach coltach ri bhith a' dèanamh toastaidh.
A h-uile bliadhna bidh Poppyscotland a' togail £2 mhillean le bhith a' reic 2 mhillean crom-lus ri sluagh na h-Alba.
'S e, Scottish Poppy Appeal a chanas sinn ris an iomairt sin, agus bidh e a' tachairt a h-uile bliadhna anns an t-Samhain, le mòran thachartasan eile gus airgead a thogail a' dol air adhart fad na bliadhna.
Tha an t-airgead a thèid a thogail ann an Alba air a chosg a' toirt taic ionmhais, comhairle agus cuideachadh
do dh'fheadhainn a bha anns na feachdan agus dhan teaghlaichean a tha ann an dìth.
Bidh Poppyscotland cuideachd a' toirt taic ionmhais do bhuidhnean eile
a bhios a' lìbhrigeadh sheirbheisean shònraichte do dhaoine ann an Alba a bha anns na feachd leithid na daoine a tha ciorramach.
Thathar a' cuimhneachadh agus a' toirt urram dhan uile duine a bha anns na feachdan, bhon Chiad Chogadh
chun an latha an-diugh, nuair a thathar a' ceannach crom-lus.
Agus bidh sinn cuideachd a' cur litrichean tron phosta gu luchd-taic a' faighneachd an urrainn dhaibh taic a thoirt dhuinn.